Cho luath ’s a ghabhas.
L2 2x air an astar, dìon prìobhaideachd ’na bhroinn agus Mozilla air chùl, ’s e am Firefox ùr an dòigh as fheàrr airson brabhsadh.
Nì sinn an t-eadar-lìon nas sàbhailte fallainne luaithe.
’S e am buidheann neo-phrothaideach air cùlaibh Firefox a th’ ann am Mozilla, a’ chiad roghainn eile air brabhsair. Cruthaichidh sinn batharan agus poileasaidh ach am frithealaich an t-eadar-lìon na daoine seach a’ phrothaid.
Ar buaidh
Nuair a chleachdas tu Firefox, cuidichidh tu Mozilla leis an strì an aghaidh mì-fhios air loidhne, le teagasg sgilean digiteach agus le roinnean bheachdan nas càileire. Faigh a-mach dè nì an t-eadar-lìon nas fhallainne.
Ar n-innleachdan
A’ cleachdadh an lìon mar bhun-stèidh, tha sinn airson teicneolasan fosgailte agus innleachdach a chruthachadh a bheir cothrom do luchd-leasachaidh obair a dhèanamh saor o shiostaman corporra dùinte is lìon a chruthachadh a bhios nas luaithe agus tèarainte dhan a h-uile duine.
-
Leudachain
Cuir dreach pearsanta air Firefox leis na nithean a bharrachd as fheàrr leat, can manaidsearan fhaclan-faire, innealan-bacaidh sanasachd is mòran a bharrachd.
-
Obair
Fàs eòlach air na buannachdan a gheibhear ri linn dreuchd aig Mozilla agus faic na h-obraichean a tha bàn air feadh an t-saoghail.
-
Cobhair a dhìth?
Faigh freagairtean air do cheistean mu Firefox is bathar Mozilla air fad on sgioba taice againn.