WikiLeaks
'S e WikiLeaks buidheann mheadhanan neo-phrothaid eadar-nàiseanta a bhitheas a' clò-bhualadh sgrìobhainnean a thig bho thùsannan neo-ainmeach is bho shnighean, agus a bhitheadh air mhodh eile dìomhair no air an cron-sgrùdadh.
Ged a chaidh Wikileaks a stèidheachadh, a-rèir na buidhne fhèin, le luchd-dèanadais chòireachean-dhaonna Sìneach, 's e an Astràiliach Julian Assange am fear-labhairt agus an riochdaire as ainmeile.
Fhuair Wikileaks ainm is cliù eadar-nàiseanta as dèidh dhith clo-bhualadh (28 Samhainn 2010) mòran contraltraidh dìomhair Ameireaganach bho thosgaireachdean air feadh an t-saoghail. Am measg eile, dh' fhoillsich seo gun robh an riaghaltas Breatannach a' strì airson fuasglaidh Al Megrahi, am Bomair Logarbaidh, ged a bha iad a' dubh-chàineadh an riaghaltais Albannaich aig an àm airson an fhuasglaidh iochdmhoir. [1]
Cuideachd, dh' fhoillsich Wikileaks liosta de làraich a bha cudromach do thèarainteachd Ameireaganach, a' gabhail a-steach companaidh Albannach a bhitheas a' dèanamh co-phàirtean do longan-fo-mhuir niùclasach Ameireaganach. [2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Professor James Mitchell. "Wikileaks proves Scotland was right on Megrahi release", The Herald, An Dùbhlachd 10, 2010, accessed An Dùbhlachd 13, 2010.
- ↑ Michael Settle. "Scots firm on Wikileaks list", The Herald, An Dùbhlachd 7, 2010, accessed An Dùbhlachd 13, 2010.