[go: up one dir, main page]

Jump to content

Ulm

O Uicipeid
Ulm
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Tübingen
Sgìre Baden-Württemberg
Co-chomharran 48° 24' Tuath
09° 59' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 118.69 km²
Àireamh-shluaigh 119,218 (2013)
Dlùths 1,004.45/km²
Àireamh fòn 0731, 07304, 07305 agus 07346
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

‘S e baile ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann an Ulm (seann Cheiltich Alcimoennis). Tha e suidhichte aig 478m os cionn ìre na mara ri taobh na h-aibhne Donau, anns an stàit Baden-Württemberg, 518km air falbh bho Bherlin, 67km bho Augsburg agus 45km bho Stuttgart.[1] ‘S ann leis an sgìre Tübingen a tha am baile agus tha 119,218[2] duine a' fuireach ann.

Chaidh Ulm a chlàradh airson a' chiad turais ann an 854 mar Hulma. B' e baile saor (Gearmailtis: freistadt) a bh' ann bho 1181, nuair a fhuair e còirichean sònraichte fo Lagh air an robh Reichsfreiheit ri linn Ìmpireachd Naomh na Ròimhe, gus an deach a thoirt a-steach don Rìoghachd Württemberg, ann an 1810.[3]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Luftlinie
  2. Statistik Baden-Württemberg
  3. Tagen
  4. Einstein

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]