[go: up one dir, main page]

Jump to content

Seabhag-ghorm

O Uicipeid
Seabhag-ghorm
Seabhag-ghorm aig nead
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Aves
Òrdugh Falconiformes
Teaghlach Falconidae
Gèineas Falcon
Spèiseas F. peregrinus
Ainm saidheansail
Falco peregrinus (Tunstall, 1771)
Ainmean eile
Falco atriceps (Hume)

Falco kreyenborgi (Kleinschmidt, 1929)
Falco pelegrinoides madens (Ripley & Watson, 1963) Rhynchodon peregrinus (Tunstall, 1771)

Falco peregrinus
Falco peregrinus madens

Tha eun-àir beag a th’ anns an t-seabhag-ghorm (Falco peregrinus). Tha iad ainmeil gu h-àraidh air mar cho luath ’s a bhios iad a’ sgiathail. Gu dearbh, ’s ann leis a luaths a bhios iad a’ sealg. Bith iad a’ sgiathail sìos aig astar mòr air na tha iad a’ sealg.

Gob gu earball, bidh iad eadar 35 ’s 50 cm de dh'fhaid agus an cuid sgiathan eadar 80 's 120 cm a leud. Bidh cuideam nam fireannach eadar 440 's 750 g agus cuideam nam boireannach eadar 910 's 1500 g.

Thathar ag ràdh gur i an t-seabhag-ghorm am beathach as luaithe a th' ann, 's gum bi iad comasach air sgiathail a-nuas cho luath ri 320 km/h.[1]

Faileasan seabhaige-ghorm air iteag àbhaisteach (làimh chlì) agus air iteag a-nuas aig astar
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Hayward, Ian (29mh dhen Ghearran 2008): “How fast can the peregrine falcon fly?”. RSPB. Air a thogail 14mh dhen Mhàrt 2020.