Richard Feynman
B' e fiosaigiche às na Stàitean Aonaichte a bha ann an Richard Feynman.
Rugadh e ann an Eabhraig Nuadh 11 Cèitean 1918 is dh'ionnsaich e fiosaigs aig MIT agus sgrìobh e a theusais aig Oilthigh Phrinceton. An dèidh a theusais chaidh e gu Los Alamos far an robh e an sàs anns a' Pròiseact Mhanhattan anns an roinn teòirigeach aig Hans Bethe ann an Los Alamos. Dh'obair e cuideachd ann an Oak Ridge.[1] An dèidh sin chaidh e gu Oilthigh Chornell far an do dh'obair e còmhla ri Bethe agus gu Caltech ann an 1960. Bhuannaich e a chuid dhen Duais Nobel ann am Fiosaigs ann an 1965 airson diagraman Feynman, is Sin-Itiro Tomonaga agus Julian Schwinger a' bhuannachadh an cuid còmhla ris. Chaochail e 15 Gearran 1988 ann an Los Angeles.[2]
Ghabh e pàirt anns a' choimisean Rogers a rannsaich an tubaist anns an do spreadh an spàl-fànais Challenger ann an 1985.[3]
Diagraman Feynman
[deasaich | deasaich an tùs]Chruthaich Feynman an diagram Feynman airson àireamhachaidhean mu sgapadh mìrean a shìmplicheadh. Tha loidhnichean dìreach a' riochdachadh mìrean no anti-mìrean is loidhnichean tonnach a' riochdachadh fòtonan. Tha na bheartaigsean a' sealladh far a bheil mìrean gan cruthachadh no gan sgriosadh. 'S ann as cudromaiche a tha na diagraman as shìmplidhe.[4]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Richard Feynman”. Atomic Heritage Foundation. Air a thogail 30mh dhen t-Samhain 2019.
- ↑ “Richard P. Feynman - Facts”. Nobel Media AB. Air a thogail 29mh dhen t-Samhain 2019.
- ↑ “Report to the President By the PRESIDENTIAL COMMISSION On the Space Shuttle Challenger Accident”. NASA. Air a thogail 30mh dhen t-Samhain 2019.
- ↑ Barra, A. J. (18mh dhen Fhaoilleach 2014): “Feynman diagrams”. Oilthigh Oxford. Air a thogail 29mh dhen t-Samhain 2019 (PDF).