[go: up one dir, main page]

Jump to content

Powys

O Uicipeid
Powys
principal area of Wales, preserved county of Wales
Ainm dùthchasachSir Powys Deasaich
Archives atPowys Archives Deasaich
DùthaichRìoghachd Aonaichte Deasaich
Sgìre riaghaltais ionadailA' Chuimrigh Deasaich
Domhan-leud is -fhad52°18′0″N 3°25′0″W Deasaich
AuthorityPowys County Council Deasaich
Language usedCuimris, Cuimris, Beurla Deasaich
Làrach-lìnhttp://www.powys.gov.uk/ Deasaich
Category for mapsCategory:Maps of Powys Deasaich
Map

'S e fear de na 22 ùghdarrasan ionadail aonadach anns a' Chuimrigh a th' ann am Powys [ˈpowɪs].

Suidheachadh

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha agus tha e cho mòr ri 5.181km²[1] agus ann an 2012 bha 132.952 [1] duine a' fuireach ann. Mar sin 's e Powys an roinn as motha a tha anns a' Chuimrigh, ach cuideachd tha e na roinn as iosail a rèir dlùths nan daoine a bhios a' fuireach ann. Tha a' chuid as motha de na daoine a' fuireach ann am bailtean beaga. S' iad Y Drenewydd, Ystradgynlais, Aberhonddu is Y Trallwng le àireamh-shluaigh de 12,783, 9,004, 7,901 is 6,269(2001) na bailtean as motha ann am Powys. Tha cruth na dùthcha làn beanntan, mar sin cha robh e furasta siubhail bho dheas gu tuath.

Tha e ainmichte a rèir an seann Rìoghachd Powys, a chaidh a chur air bhonn san 5mh linn anns an dearbh àite nuair a dh'fhàg na Ròmanaich Breatainn Mhòr. Mhàir an Rioghachd gu 1160. Thathar dhen bheachd gun tàinig an t-ainm Powys bhon fhacal Laideann "pagus" "dùthaich/air an dùthaich". Ach bha tuineachaidhean ann ro àm nan Ròmanaich, mar a tha na seann cambaran a' dearbhadh. Tha 1130 cambar clàraichte ann am Powys, le stoidhlichean eadar-dhealaichte bho àmanan diofraichte, eadar 4000 is 1000 ro Chr, an cuid as motha dhiubh à Linn an Umha.[2]

Seo cuid de na bailtean ann am Powys:

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 Àireamh-shluaigh, àrainneachd is dlùths nan ùghdarrasan ionadail anns a' Chuimrigh 30. 6. 2012 (Faidhle ZIP; 832 kB)
  2. Clwyd-Powys Archaeological Trust: Introducing Prehistoric burial and ritual sites. (Beurla, Cuimris) a' tarraing air 19.5.2014