Per Teodor Cleve
Per Teodor Cleve | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Storkyrkoförsamlingen (en) , Stockholm City (en) agus Stockholm, 10 dhen Ghearran 1840 |
Dùthaich | An t-Suain |
Bàs | Uppsala Cathedral Assembly (en) agus Uppsala, 18 dhen Ògmhios 1905 |
Àite-adhlacaidh | seann-chladh Uppsala |
Teaghlach | |
Cèile | Alma Cleve (en) (30 dhen Ghiblean 1874 - 18 dhen Ògmhios 1905) |
Clann |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Uppsala |
Oileanaich dotaireachd | Svante Arrhenius |
Cànain |
Suainis Beurla Gearmailtis Fraingis |
Luchd-teagaisg | Carl Gustaf Mosander (en) |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceimigear, eòlaiche-mhèinnearan, ainmh-eòlaiche, neach-teagaisg oilthigh, geòlaiche, neach-saidheans, lus-eòlaiche, bith-eòlaiche agus oceanographer (en) |
Àitichean-obrach | Uppsala agus Stockholm |
Fastaichean | Oilthigh Uppsala (17 dhen Chèitean 1858 - |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd | Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan |
B' e creag-eòlaiche, ceimigear, mèinn-eòlaiche is bith-eòlaiche às an t-Suain a bha ann am Per Teodor Cleve. Rugadh e ann an Stockholm agus dh'ionnsaich e aig Gymnasium Stockholm. Chaidh e na ollamh ceimigeachd aig an Oilthigh Uppsala, far an robh e na oileanach, ann an 1874. Mhol e ann an 1874 gum b' e dà eileamaid a bha ann an didymit agus dhearbhaich Carl Auer von Welsbach seo ann an 1885 nuair a lorg e prasodimium agus neodimium. Ann an 1879 lorg Cleve tuilium agus dh'ainmich e hoilmium. Mus do lorg Cleve is Nils Abraham Langlet helium ann an clach uranium ann an 1895, chan fhacas helium ach ann an reultan.
Bha ùidh mhòr cuideachd aige ann am plancton agus dà-ataman is ghabh e pàirt sa' chuairt Shuaineach rannsachaidh a Spitsbergen ann an 1898. B' e a' chiad neach-saidheans a thug taic do na teòiridhean Darwin a bha ann an Cleve.[1]
Bhuannaich e am Bonn-cuimhne Davy ann an 1894.[2] Dh'ainmicheadh am mèinnear cleveit a rèir Cleve gus urram a thoirt dha. Bhuannaich ogha Ulf von Euler an Duais Nobel ann an Leigheas ann an 1970.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Bjørklund, K. R. ⁊ Itaki, T. agus Dolven, J. K. (2014): “Per Theodor Cleve: a short résumé and his radiolarian results from the Swedish Expedition to Spitsbergen in 1898,” ann an: J. Micropalaeontol., leabhar 33, td. 59–93. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ “Award winners: Davy Medal”. Comann Rìoghail. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.
- ↑ “Ulf von Euler - Biographical”. Nobel Media AB. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2019.