[go: up one dir, main page]

Jump to content

Odeska Oblast

O Uicipeid
Odeska Oblast
Одеська область
Bratach na Roinne Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An Ucràin
Prìomh-bhaile Odesa
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 33,314 km²
Àireamh-shluaigh 2,368,107 (2021)
Dlùths 71.08/km²
Àireamh fòn + 380 48
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

'S e tè dhe na 24 roinnean anns an An Ucràin a th'ann an Odeska Oblast (Ucràinis: Одеська область, ainm neo-fhoirmeil: Odeschyna). 'S e Odesa fhèin 's a th' ann prìomh-bhaile na roinne.[1] Tha i suidhichte ann air an àirde an iar-dheas na dùthcha, ri taobh na Mara Dhuibh. Tha 2,368,107 duine a' fuireach ann.

Chaidh Odeska Oblast a chruthachadh ann an 1932 ach bha i air a roinneadh ann an dà leth ann an 1937 airson Mykolaivska Oblast a chruthachadh. Fhuair i a cuid talmhainn a th'aice a-nis nuair a chuireadh Izmailska Oblast ris ann an 1954. Nuair a chaidh dam a thogail airson Loch Sassyk a chruthachadh ann an 1978, chaidh loch fìor-uisge 210km² a chruthachadh ann am pàirt tioram air an àirde an iar na h-oblast. Rinn an Holodomor - Gort na h-Ucràine - droch sgrios air an sgìre seo agus chaochail 326,900 leis an acras.[2] Bhòt 85.38% nan daoine ann an Odeska Oblast airson neo-eisimeileachd na h-Ucràine san reifreann nàiseanta ann an 1991.[3]

Daoine Ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Bailtean ann am Odeska Oblast

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ukrexport
  2. Harvard
  3. Soviet History

Ceanglaichean A-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Mapaichean