Náchod
Náchod
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seic | ||||
Ceàrn | Náchod | ||||
Sgìre | Královéhradecký kraj | ||||
Co-chomharran | 50° 25 00' Tuath 16° 09 47' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 33.32 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 20,149 (2006) | ||||
Dlùths | 604.71/km² | ||||
Àireamh fòn | + 491 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.mestonachod.cz/ |
'S e baile meadhanach agus sgìreachd (Seacais: obec) ann an ceann a tuath Poblachd nan Seiceach a th' ann an Náchod (IPA: naːxot, Gearmailtis: Nachod). Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1254 agus bhuineadh e dhan Ostair-Ungaire ro 1918. Thogadh caisteal an seo anns an 12mh Linn agus chaidh a leasachadh ann an 1544 ann an stoidhl an Ath-Bheòthachaidh le Zikmund Smiricky agus an uair sin ann an stoidhl barocach ann an 1634 le Ottavio Piccolomini.[1] Chuairtich feachdan na Suaine an caisteal ann an 1639 ann an Cogadh nan 30 Bliadhna agus bha batal an seo ann an 1866 mar phàirt a' chogaidh eadar Ostair-Ungaire agus A' Phrùis.[2] Rinn tuiltean droch sgrios air a' bhaile ann an 1997 agus 2016. Tha Náchod suidhichte air na crìochain leis A' Phòlainn, eadar Hradec Králové agus Wrocław san roinn (Seacais: kraj) Královéhradecký, ri taobh na h-Aibhne Mettau (Seacais Metuje), aig 347m os cionn ìre na mara. Tha 20,149 duine a' fuireach ann.[3]
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]- Josef Škvorecký: (1924 - 2012).[4]
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Stredovek
- ↑ Lydia Baštecká, Ivana Ebelová, 'Náchod', Nachod 2004, ISBN 80-7106-674-5
- ↑ Cunntas-sluaigh na Stàite
- ↑ Daily Telegraph