[go: up one dir, main page]

Jump to content

Mallorca

O Uicipeid
Mallorca
Turasachd ann am Mallorca

Is e Mallorca[1] an t-eilean as motha de na h-Eileanan Balèarach (Beurla: Majorca). Thàinig ainm an eilein bhon fhacal Laideann: insula maior. Tha e a' ciallachadh "eilean mòr" ann an Catalanais. Tha Mallorca suidhichte mu 170 cileamatair bho chladach na Spàinne anns a' Mhuir Mheadhanaich air meud de 3640 cilemeatair ceàrnagach, eadar 39°15′40″ is 39°57′40″ tuath agus 2°19′38″ is 3°28′42″ an ear.

Tha dà ruith-bheanntan ann: Serres de Llevant anns an àird an ear agus Serra de Tramuntana san àird an iar-thuath. Tha na beanntan as àirde den eilean ann an Serra de Tramuntana, tha deich dhiubh nas àirde na 1,000 meatair.

Anns a' bhliadhna 2007 bha 813,729 de shluagh ann, agus bha 383,107 dhiubh a' fuireach ann am Palma, prìomh-bhaile an eilein. 'S iad na bailtean as motha:

  • Calvià (47.934),
  • Manacor (37.963),
  • Llucmajor (33.222),
  • Marratxi (31.120),
  • Inca (28.306),
  • Felanitx (17.443),
  • Alcúdia (17.435),
  • Pollença (16.570)
  • Sóller (13.194).

Tha roinn na turasachd gu math làidir anns an eilean. Ann an 2007 thàinig 9,91 millean neach turais a Mhallorca , bha 35.8 % (3.548 millean) dhiubh às a' Ghearmailt, 23.2 % (2.3 millean) às An Rìoghachd Aonaichte agus 21.6 % (2.14 millean) às an Spàinn.[2] Tha port-adhair eadar-nàiseanta ann leis an ainm Son Sant Joan.

Tha Catalanais agus Spàinntis nan cànanan oifigeil.

Ensaïmades

Tha Ensaïmades, taoisrean milis, na bhiadh tradaiseanta anns an eilean.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  2. Iris:„Mallorca Magazin – Spezial Berlin“, an t-Ògmhios 2008, duilleag 6
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: