Loch Monar
Co-chomharran: 57°25′12″N 5°06′24″W / 57.420093°N 5.106614°W
Loch Monar | |
---|---|
Sealladh air Loch Monar | |
Bàrr uisge (m os cionn na mara) | 226 [1] |
Seòrsa | Loch tasgaidh |
Àrainn drèanaigh | Beauly Basin |
Às-sruth | Garbh uisge, Amhainn Farair |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | a' Ghàidhealtachd |
Comharradh-clèithe | NH148409 |
'S e loch mòr ann an Alba a tha ann an Loch Monar.[2] Tha e suidhichte ann an Gleann Srath Farair ann an Siorrachd Rois agus Crombaigh air a' Ghàidhealtachd, mu 5 mìle san àird an iar air Loch a' Mhuillidh agus mu 6 mìle san àird an iar air Loch Beannacharan.
A rèir suirbhidh a rinneadh ann an 1903 bha an loch mu 4 mìle (6 km) a dh'fhaid agus beagan nas lugha na 587 slat (537 m) a leud aig an àite as leathainne. [2] Chaidh dama a' thogail ann an 1960. An-diugh tha Loch Monar mu 8 mìle (13 km) a dh'fhad. Tha an àrainn drèanaidh aige cho mòr ri gu bhith 41 mìle ceàrnagach (106 km²). 'S e loch-tasgaidh airson uisge-òil a th' ann an Loch Monar. Tha t-uisge Loch Calavie, Loch an Tachdaidh agus a' Ghead Loch a' sruthadh a-steach dhan loch seo. Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach às an loch don Garbh-uisge agus a nuair sin don àmhainn Farair.
Tha Loch Monar suidhichte anns na beanntan aig ceann an iar Gleann Srath Farair. 'S iad cuid dhiubh a tha faisg air: Sgùrr a' Chaorachain, Sgùrr Choinnich, Maoile Lunndaidh, Lurg Mhòr, Sgùrr a' Choire Ghlais agus Bidean a' Choire Sheasgaich.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Loch Monar air British Lakes
- ↑ 2.0 2.1 Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Beauly Basin", td 346, Iom-leabhar II, Pàirt I. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Mapa an locha Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland (1910).
- Mapa an locha OS
- Glen Strathfarrar
- Fiosrachadh airson luchd-coiseachd aig Walkhighlands.co.uk (Beurla)
- Dealbhan
- Gazetteer for Scotland (Beurla)
Loch Calavie • Loch an Tachdaidh • An Gead Loch • Loch Monar • Loch a' Mhuillidh • Loch Beannacharan