John Horne
John Horne | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Sruighlea, 1 dhen Fhaoilleach 1848 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 30 dhen Chèitean 1928 |
Foghlam | |
Foghlam | Oilthigh Ghlaschu |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | geòlaiche agus cruinn-eòlaiche |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd |
An Comann Rìoghail Acadamh Aimeireaga nan Ealan is nan Saidheans Comann Rìoghail Dhùn Èideann |
B' e creag-eòlaiche a bha ann an John Horne. Tha e ainmeil air sgàth na h-obrach a rinn e air na cumaidhean geòlasach air a' Ghàidhealtachd.
A bheatha
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh e ann an Campsie faisg air Sruighlea san 1ad den Fhaoilleach 1848. Fhuair e a chuid foghlaim ann an àrd-sgoil Ghlaschu agus an uair sin ann an Oilthigh Ghlaschu. Ann an 1867 thòisich e ag obair airson na Suirbhidh Geòlasaich ann an Alba mar neach-cuideachaidh do Ben Peach. Cha b' e fada gus an do dh'fhàs iad càirdeas ri chèile. Bha Horne an sàs ann an cruthachadh mhapaichean, an toiseach anns a' Ghalltachd. An uair sin rinn e pàirtean mòra den Moine Thrust ann an iar-thuath na Gàidhealtachd. Anns na mapaichean aige chithear cruth na tìre gu mionaideach [1][2].
B' e duine loidigeach a bha ann an Horne, agus bha an dòigh smaoineachaidh is sgrìobhaidh aige a chur ris an sgil lèirsinneachd aig Peach [3][4]. Bha an obair aca, gu h-àraidh an leithid a rinn iad ann an Creag a' Chnocain, a' rèiteachadh an deasbaid fhada mu na cumaidhean geòlasach air a' Ghàidhealtachd.
Fhuair e ballrachd den Chomann Rìoghail Dhùn Èideann ann an 1881, agus bha e gu math èasgaidh ann an cuisean a' chomainn, mar sin bha e na chomhairliche (1902-5; 1906-7; 1914-15); iar-cheann-suidhe (1907-13) agus mu dheireadh thall eadar 1915 is 1919 bha e na cheann-suidhe den Chomann Rìoghail Dhùn Èideann. Bhuannaich e am Murchison Medal ann an 1899 agus ann an 1921 fhuair e an Wollaston Medal, an duais as àirde den Geological Society of London.
Chaochail e san 30 dhen Chèitean 1928 ann an Dùn Èideann. Gus urram a thoirt don obair aige chaidh clach-chuimhneachain a thogail ann an Innis nan Damh air a bheil na faclan "To Ben N Peach and John Horne who played the foremost part in unravelling the geological structure of the North West Highlands 1883-1897. An international tribute. Erected 1980."
Foillseachaidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Sgrìobh Horne a' chuid a bu mhotha den leabhar The Geological Structure of the Northwest Highlands of Scotland; Memoirs of the Geological Survey of Great Britain 1907 (còmhla ri Peach, B. Gunn, W., Clough, C.T., agus Hinxman, L.W.), leabhar a tha luachmhor gus an latha an-diugh [5].
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Eisimpleir de na mapaichean, air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013
- ↑ Mapa mionaideach le Gneiss Leòdhasach, air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013
- ↑ Ben Peach aig scottishgeology.com, air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013
- ↑ John Thorne aig scottishgeology.com, air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013
- ↑ Who's who aig assyntgeology,air a tharraing 2 an t-Ògmhios 2013
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]- John Horne aig scottishgeology.com (Beurla)
- John Horne aig assyntgeology.com (Beurla)
- Mar a rinn Horne is Peach na mapaichean (Beurla)
Tuilleadh leughaidh
[deasaich | deasaich an tùs]- Flett, Sir John Smith (1937) The First Hundred Years of the Geological Survey of Great Britain. His Majesty’s Stationery Office, Lunnainn.
- Oldroyd, D. R. (1990) The Highlands Controversy. Constructing geological knowledge through fieldwork in nineteenth-century Britain. University of Chicago Press, Chicago agus Lunnainn.