[go: up one dir, main page]

Jump to content

Johan August Arfwedson

O Uicipeid
Johan August Arfwedson
Beatha
Breith Finnerödja (en) Translate, 4 dhen Fhaoilleach 1792
Dùthaich  An t-Suain
Bàs Bilbao, 28 dhen Dàmhair 1841
Teaghlach
Athair Jacob Arfwedson
Màthair Anna Elisabet Holterman
Foghlam
Foghlam Oilthigh Uppsala Bergsexamen
Stiùiriche an teusais Jöns Jacob Berzelius
Dreuchd
Dreuchd ceimigear agus notary (en) Translate
Ballrachd Acadamh Rìoghail Shuaineach nan Saidheansan

B' e ceimigear às an t-Suain a bha ann an Johan August Arfwedson (Laxå, 4 am Faoilleach 1792Eskilstuna, 28 an Dàmhair 1841).[1] Tha e ainmeil airson an taisgealadh de litium aige.

Rugadh e ann an Skaraborgs Län san t-Suain a deas, agus bha e na oileanach ann an Oilthigh Uppsala far an do dh'ionnsaich e lagh agus mèinnear-eòlas. Ann an 1817, nuair a bha e ag obair ann an deuchainn-lann rannsachaidh Jöns Jacob Berzelius, lorg e eileamaid ùr, litium.[2] Taghadh e mar bhall an Acadamaidh Rìoghail Saidheansan na Suaine ann an 1821 agus mhair e ann an oighreachd aige far an do thog e deuchainn-lann ceimigeach gus an do chaochail e ann an 1841. Bha e na mhac-bràthar Karl Kristoffer Arfwedson, neach-gnìomhachais agus stèidheadair Tottie & Arfwedson, às-mhalartair mòr de dh'iarainn agus na sheanair Karl David Arfwedson, neach-gnìomhachais agus sgrìobhadair. Dh'ainmicheadh mèinnear às a' Ghraonlainn, arfvedsonaid, air.[3]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Riksarkivet
  2. Journal für Chemie und Physik
  3. Eachdraidh-bheatha ann am Pròiseact Runeberg (Suainis)