[go: up one dir, main page]

Jump to content

Claude Nicollier

O Uicipeid
Claude Nicollier
Beatha
Breith Vevey, 2 dhen t-Sultain 1944
Dùthaich  An Eilbheis
Foghlam
Foghlam Oilthigh Geneva
Oilthigh Lausanne
Cànain Fraingis
Beurla
Dreuchd
Dreuchd speuradair, itealair, fiosaigiche agus reul-fhiosaigiche
Fastaichean Buidheann Fànas na Roinn Eòrpa
Swiss Federal Institute of Technology in Lausanne (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Académie de l'air et de l'espace (en) Translate
International Astronomical Union (en) Translate
Neach-fànais
Miseanan STS-61 (en) Translate STS-75 (en) Translate STS-103 (en) Translate STS-46 (en) Translate
Bràistean nam miseanan STS-61 STS-75 STS-103 STS-46
Ùine san fhànas 61,205 minute (en) Translate

'S e fiosaigiche, reul-fhiosaigiche, paidhleat agus speuradair às an Eilbheis a tha ann an Claude Nicollier (Vevey, 2 an t-Sultain 1944).[1] 'S e Nicollier a' chiad speuradair às an Eilbheis a chaidh dhan fhànas a-riamh. Rinn e ceithir tursan eadar 1992 agus 1999 airson an ESA. An dèidh a' phrògraim-fànaise fhàgail, bha e na ollamh ann an teicneolas fànais, aig École Polytechnique Fédérale ann an Lausanne.[2] Fhuair cead-sgeith nuair a bha e anns na feachdan armachd ann an 1966. Thug e ceum ann am fiosaigs aig Oilthigh Lausanne ann an 1970 agus an uair sin rinn e MSc aig Oilthigh Geneva, ann an reul-fiosaigs. Phòs e aig Susana Pérez - à Meagsago - ann an 1974, agus rug ise dithis nighean dha.[3] Chaochail ise ann an 2007.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. ESA
  2. Space Facts
  3. Space Facts