Canaigh
Canaigh | |
An Corra-dhùn; caisteal briste san àird an ear Chanaigh [1] | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | A' Ghàidhealtachd |
Innis-mhuir | Na h-Eileanan Tarsainn |
Co-chomharran | 57.05790º T 6.54564º I |
Comharradh-clèithe | NG244058 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 11.3 km² |
Àireamh-shluaigh | 12 (2011) |
Dlùths | 1.06/km² |
'S e eilean anns na h-Eileanan Tarsainn a tha ann an Canaigh (Beurla: Canna).[2] Anns a’ bhliadhna 2011 bha 12 daoine a’ fuireach an seo.
Tha Canaigh ainmeil airson nan eòin aige.
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]Tha Canaigh, eilean à basalt, mu 7 km (4.3 mìltean) a leud agus 1.5 km (0.9 mìle) air fhad. Tha an t-eilean Haoisgeir (Beurla: Haiskeir) mu 10 km an iar-dheas Chanaigh. Tha an t-eilean ceangailte ris an Eilein Gainmhich le drochaid.
'S e an Càrn a' Ghaill an cnoc as àirde air Canaigh le 210 m (689 troigh) de dh'àirde. 'S e an àird an iar an eilein tha Ceann Creag-airighe le 130 m de dh'àirde.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Bhuineadh an t-eilean do Clann 'Ic Ailein ro 1827,[3] is bha Alasdair mac Mhaighstir Alasdair na bhàillidh Canaigh eadar 1749 agus 1751. An dèidh sin bhuineadh an t-eilean don teaghlach Thom. Thog Allan W. Thom an eaglais Pròstanach ann an 1914 mar chuimneachan air an athair aige.[4]
Cheannaich Iain Latharna Caimbeul, seinneadair agus sgoilear Gàidhlig, Canaigh ann an 1938. Anns a’ bhliadhna 1981 thug e an t-eilean do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba, ach bha cead aige a bhith a’ fuireach ann an Taigh Chanaigh, gus an do chaochail e ann an 1996. Chum Mairead Fay Sheathach, a' bhean aige, air cruinneachadh stuthan Gàidhlig, gus an do chaochail i anns a’ bhliadhna 2004, bha i 101 bliadhna a dh’aois[5] còmhla ri Magda Sagarzazu a dh'fhuirich an sin.[6] Fhàg Sheathach an leabharlann agus an tasglann fìor mhath a tha ann an Taigh Chanaigh don Hebridean Trust. Tha planaichean aca gum bi an leabharlann fosgailte mar àite rannsachaidh don a h-uile duine.
Giùlan
[deasaich | deasaich an tùs]Tha port na mara mòr nàdarrach ann a tha suidhichte eadar Canaigh agus Sandaigh. Anns a’ bhliadhna 2005 leudaicheadh an cidhe. Cleachdaidh aiseagan Chaledonian Mac a' Bhriuthainn e. Tha an t-aiseag MV Loch Nibheis a' ruith eadar Malaig is Canaigh, Eige, Rùm is Eilean nam Muc.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Canna, Coroghan Castle”. Canmore. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2016.
- ↑ “Canna”. Ainmean-Àite an h-Alba. Air a thogail 2na dhen Lùnasdal 2018.
- ↑ “Canna of the Clanranalds”. Canna Local History Group. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2016.
- ↑ “Canna, Church of Scotland”. Canmore. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2016.
- ↑ MacUilleam, Brian: “Margaret Fay Shaw”, The Guardian. Air a thogail 16mh dhen Lùnasdal 2016.
- ↑ “Luaidh ga dhèanamh air Magda Sagarzazu”, Naidheachdan a' BhBC. 4mh dhen Ògmhios 2020. Air a thogail 5mh dhen Ògmhios 2020.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Canna - an Island Story Bhideo mu Chanaigh
- BBC Naidheachdan 2016-08-10: Seasan neadachaidh soirbheachail an Canaigh (iolairean-mara)
Earra-Ghàidheal | Colla • Colbhasa • Diùra • Gòmastra • Ì Chaluim Chille • Ìle • Lios Mòr • Muile • Orasaigh • Stafa • Tiriodh • Ulbha |
An t-Eilean Sgitheanach | Ìosaigh • Longaigh • Pabaigh • Ratharsair • Rònaigh • An t-Eilean Sgitheanach • Sgalpaigh an t-Sratha • Sòdhaigh |
Na h-Eileanan Tarsainn | Canaigh • Eige • An t-Eilean Gainmhich • Eilean nam Muc • Haoisgeir • Rùm |
Na h-Eileanan Sglèata | Beul na h-Uamha • Eilean Èisdeal • Flada • Luinn • Saoil |
Na h-Eileanan Treisinis | Am Bac Beag • Am Bac Mòr • Flada, Treisinis • Lunga |