[go: up one dir, main page]

Jump to content

Cù-Chulainn

O Uicipeid
Cù Chullain

'S e gaisgeach mòr ceilteach a bh' ann an Cu Chullain, a shabhail Uladh aig àm an Tain Bo Chulaige. Bha neart mor aige air sgath 's gun robh Lugh na athair. Chuir e seachad uine air an Eilean Sgitheanach ag ionnsachadh sgilean cogaidh fo Sgathach. Bha e posta ri Eimhir ach dh' fhalbh e iomadach bhoireannaich.


Ainmeachadh Chu Chullain

[deasaich | deasaich an tùs]

Thug Culann, àrd-ghobha Uladh, cuireadh dhan Rìgh Conchobair agus uaislean gu cuirm. Air latha na cuirme bha an rìgh agus uaislean a' coimhead air balaich ag iomain air an fhaiche air beulaibh na lùchairt.

Chunnaic iad rud a chuir iongnadh orra. Bha aon bhalach beag ag iomain an aghaidh ceud gu leth balach eile agus bha am balach beag a' dèanamh a' chùis orra a h-uile turas. Dh'fhaighnich an rìgh cò am balach beag a bh' ann agus chaidh innse dha gur e Setanta, Mac Sualtaim, mac a pheathar a bh' ann.

Chuir an rìgh ga iarraidh agus dh'iarr e air a thighinn chun na cuirme gu taigh Chullain. Thuirt Setanta gun deigheadh e ann ach nach robh na balaich eile air gu leòr iomain a chluich fhathast agus gun leanadh e iad.

Dh'fhalbh Conchobar agus na h-uaislean eile agus ràinig iad dùn Chullain aig beul an fheasgair. An uair a bha iad gu lèir nan suidhe, dh'fhaighnich Cullan an robh duine eile ri thighinn agus thuirt Conchobar nach robh. Bha e air dìochuimhneachadh mu Setanta. Dhùin Cullan na dorsan agus chuir e an cù mòr aige a-mach airson an dùn a dhìon.

An uair a bha iad deiseil de iomain, dh'fhàg Setanta na balaich eile agus chaidh e gu taigh Chullain. Bha e a' ruith agus e a' tilgeil a chamain umha agus a chnag airgid roimhe. Bhuaileadh e am ball leis a' chaman agus bheireadh e air a' chaman a-rithist mus tuiteadh e chun na talmhainn.

Chunnaic an cù e a' tighinn agus rinn e fuaim eagalach. Ruith e gu Setanta agus a bheul fosgailte 's e deiseil airson a reubadh às a chèile. Rug am balach air a' bhall airgid agus thilg e air a' chù e. Chaidh am ball a-steach a bheul a' choin agus a-mach air a chùl, a' toirt mionach a' choin leis, agus thuit e marbh.

Chuala iad am fuaim anns an dùn agus thuirt Cullan, "Tha cuideigin na phìosan beaga aig a' chù. Ruith iad a-mach agus bha am balach beag an sin agus an cù marbh ri thaobh.

"Cò thu?" dh'fhaighnich Cullan.

"Is mise Setanta, mac Sualtaim," ars am balach.

"Fàilte ort air sgàth d' athar 's do mhàthar ach chan ann air do sgàth fhèin," fhreagair Cullan. "Dè nì mi a-nis agus an cù a bha a' dìon a h-uile càil a th' agam marbh?"

"Ma tha cuilean ann an Èirinn dhen aon ghnè ris a' chù sin, fuiridh mise a' dìon do dhùin agus a h-uile càil eile a th' agad gus am fàs an cuilean mòr. Gabhaidh mise àite a' choin mhairbh."

"Tha sin math," arsa na daoine, "agus is e Cuchullain a bhios againn ort."

Agus sin mar a fhuair Cuchullain an t-ainm.