Benidorm
Benidorm
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | València An Spàinn | ||||
Ceàrn | Marina Baixa | ||||
Sgìre | Alacant | ||||
Co-chomharran | 38° 32′ 03″ Tuath 00° 07′ 53″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 38.51 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 69,010 (2014) | ||||
Dlùths | 1,792/km² | ||||
Àireamh fòn | 96 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
'S e baile agus port ann an Co-chomann València (An Spàinn) a th' ann am Benidorm (IPA: beniˈðɔɾm). Tha e suidhichte aig 15m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Marina Baixa (Alacant). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1325.[1] 'S e Bhaileancianais a tha ga bruidhinn an seo. B' e baile beag-iasgaich a bh' ann am Benidrom gu ruige na 60an ach 's e turasachd-tràighe a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol an latha an-diugh, air sàilleabh nach eil port-adhair València ach 46km air falbh.[2] Tha 69,010 duine a' fuireach ann.[3]
Freumhan an Ainm
[deasaich | deasaich an tùs]'S ann à Beni Darhim (Mic Darhim ann an Arabais) a tha ainm a' bhaile.[4] Bha an sgìre seo air fad fo bhuaidh nan Arabach fad còrr is còig ceud bliadhna.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a bha daoine a' fuireach ann fad mìltean de bhliadhna ro làimh - gu seachd-àraidh nuair a bha na h-Arabaich ann - cha b' ann ach ann an 1325, nuair a thogadh caisteal air a' chnoc, a thoisich eachdraidh sgrìobhte Bhenidorm. Fad na meadhan aoisean dheàdhadh am baile bho uachdaran gu uachdaran, a rèir cò bha a bu chumhachdaile. Chaidh Còrdadh[5] a dhèanamh an seo ann an 1956 eadar Alberto Lleras Camargo (Pàrtaidh Libearalach Choloimbia) agus Laureano Gómez Castro (Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia) a bha na cheum mòr air adhart gu ruige sìthe ann an Coloimbia.