Am Monadh Liath
Coltas
Is e Am Monadh Liath monadh Albannach, a' sìneadh iar-dheas gu ear-thuath eadar Loch Nis (taobh iar-thuath) agus am Monadh Ruadh is Srath Spè (taobh ear-dheas). Tha Màm Choire Ghearraig aig ceann iar-dheas a' mhonaidh.
Tha pàirt a' mhonaidh ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Tha màthair-uisge na h-aibhne Spè anns a' mhonadh, aig Loch Spè. Is i a' bheinn as àirde anns a' mhonadh Càrn Dearg.