Neach-poileataigs
'S e cuideigin a tha an sàs ann am buidheann no pàrtaidh ann an saoghal phoilitigs air neo cuideigin aig a bheil dreuchd san riaghaltas a th' ann an neach-poileataigs (às a' Ghreugais πόλις, baile). Anns na dùthchannan deamocratach bithear a' sireadh luchd-poileataigs tro thaghaidhean is na daoine gam bhòtadh. 'S e an suidheachadh a th' againn ann an Alba far a bheil tagraichean - an dà chuid buill-pàrtaidhean agus daoine neo-eisimeilich a' seasamh airson comhairlean ionadail, Pàrlamaid na h-Alba, Westminster agus Pàrlamaid na Roinn Eòrpa. Ann an cuid a dhùthchannan thathar a' taghadh ceannard na stàite cuideachd, ged nach eil sin a' tachairt ann an Alba leis gu bheil monarcachd ann.