[go: up one dir, main page]

Tha cultar cudromach do dhaoine ach tha mòran mìneachaidhean tar-iadhach ann. Tha fear ag innse gur e co-theacsa airson ar beathaichean agus dòigh beatha a th' ann. Tha fear eile ag innse gun tèid cultaran a chruthachadh tro fhèin-fhiosrachaidhean a tha coitcheanta am measg nam ball. A-rèir luchd-teòirigeachaidh eile, 's e conaltradh a tha ann, agus tha teòirig agus brìgh chumanta gu bheil cultar a' ciallachadh rudeigin mar dhearbh-aithne, mar eisimpleir ann an Èirinn a Tuath.[1]

cultar
concept
Fo-sheòrsa depattern of behavior Deasaich
Ainmichte às dèidhcult, Ur Deasaich
Hashtagculture Deasaich
Geography of topiccultural geography Deasaich
Feartcultural universal Deasaich
History of topiccultural history Deasaich
Manifestation ofmores, social norm Deasaich
Practiced byculture personality Deasaich

Freumhan an fhacail

deasaich

'S e facal-iasaid meadhanach nuadh a tha ann. Cha do nochd e ann an Gairm, mar eisimpleir, no tùs eile ann an DASG ro 1986.[2] Ged a nochd am facal cultura anns an t-seagh seo ann an obair Cicero, chan fhaicteadh culture a' ciallachadh seo gu tric ron 19mh linn.[3]

Faclan-luirg

deasaich

Sgrìobh Raymond Williams às a' Chuimrigh mu dhèidhinn cultair, agus Keywords ('faclan-luirg') an obair dha as ainmeile. Seo cruinneachadh aistean mu 110 faclan-luirg aig a bheil mòran brìghean agus ciallachaidhean a tha tar-iadhach, coileantach agus co-àicheil.[4] Mar sin, tha e doirbh na faclan-luirg seo eadar-theangachadh. Seo liosta far a bheil na h-eadar-theangachaidhean toinnte, tar-iadhach agus co-àicheil ann an dòighean eile anns a' Ghàidhlig na tha iad anns a' Bheurla. Gu tric chan eil eadar-theangachadh anns a' bheil dà-sheaghachdan a tha coltach ris na dà-sheaghachdan Beurla.[5]

Eastaidaigeach, eileachadh, anarcachd, daonn-eòlas, ealan, giùlan, bùirdeas, biurocrasaidh no oifigealachd, calpachas, cùrsa no cùrsa-beatha no cùrsa-obrach, carthannas, "city", sìobhaltas, clas, "collective", malairteachas, "common", conaltradh, comannachd, coimhearsnachd, co-aonta, caitheadair, gnàthach, dùthcha, cruthachail, deamocrasaidh, dearbh, leasachadh ("development" agus "improvement"), dual-chainnt, "dialectic", "doctrinaire", eag-eòlas, foghlamaichte, "elite", eimpireach, co-ionannachd, bitheil, fèin-fhiosrachadh, eòlaiche, dubh-shaothrachadh no brath, teaghlach, ficsean, "folk", foirmeileach, ginealach, gintinneach, sàr-ghin, "hegemony", eachdraidh, daonnachd, "idealism", ideòlas, ìomhaigh, ìmpireileas, "individual", gnìomhachas, "institution", àrd-chiallach no innleachdail, "interest", "isms", sgleò-chainnt, saothair, libearal, saoradh, litreachas, duine, stiùireadh no manaidsearachd, "the masses", adhbharachas, meacanaigeach, na meadhanan, eadar-mheadhanachadh, meadhan-aoiseil, nuadh, lèir-shealbhachd, miotas, nàiseantach, tùsanach, nàdarrachas, nàdar, cumanta no àbhaisteach, fàs-bheartach, "originality", "peasant", pearsa, feallsanachd, "popular", posataibheach, pragmataig, prìobhaideach, adhartach, inntinn-eòlach, cinneadh, radaigeach, reusanta no raiseanail, ais-cheumnach, fìorachas, ath-leasachadh, roinneil, riochdaire no riochdachail, aramach, romansach, saidheans, mothachadh, gnè, sòisealach, comann, sòiseo-eòlas, "standards", inbhe, structarail, "subjective", blas, teicneòlas, teòiridh, traidisean, "unconscious", fo-shochairichte, cion-cosnaidh, "utilitarian", ainneart, beartas, sochair, an Iar, obair

Faic cuideachd

deasaich

Iomraidhean

deasaich
  1. Lenard, Patti Tamara: “"Culture"”. The Stanford Encyclopedia of Philosophy (Winter 2020 Edition), Edward N. Zalta (ed.). Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2023.
  2. Corpas na Gàidhlig”. Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig (DASG). Oilthigh Ghlaschu. Air a thogail 16mh dhen Iuchar 2023.
  3. Harper, Douglas: “culture (n.)”. Online Etymology Dictionary. Air a thogail 16mh dhen Iuchar 2023.
  4. What is a 'keyword'”. Keywords. Oilthigh Phittsburgh agus Colaiste Ìosa, Cambridge. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2023.
  5. Comparison of entries in Keywords (1976), second edition of Keywords (1983) and Bennett, Grossberg & Morris, New Keywords (2005)”. Keywords. Oilthigh Phittsburgh agus Colaiste Ìosa, Cambridge. Air a thogail 13mh dhen Iuchar 2023 (pdf).