Baeza
Baeza
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Jaén | ||||
Sgìre | Andalusia | ||||
Co-chomharran | 38° 00′ 42″ Tuath 03° 22′ 18″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 194.3 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 15,841 (2014) | ||||
Dlùths | 81.53/km² | ||||
Àireamh fòn | 953 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
'S e baile eachdraidheil faisg air Úbeda ann an Andalusia (An Spàinn) a th' ann am Baeza (IPA: baˈeθa). Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 769m os cionn ìre na mara, anns an Roinn Jaén, 48km air falbh bho Jaén fhèin. 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo. 'S e turasachd a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Tha 15,841 duine a' fuireach ann.[1]
Freumahn an Ainm
deasaich'S e ainm ro-spàinnteach - Biatia - a th' ann an Baeza, ged a tha coltas Arabais air, bho بياسة (Bayyasa), air sàilleabh gu robh an sgìre na pàirt Al-Andalus fad linntean.
Eachdraidh
deasaichThathar air tòrr thobhtaichean a lorg bho na linntean mus do ràinig na Ròmanaich. Bha dùn Ibereach, air an robh Iltaca, pìos beag air falbh. Dh'atharraich na Ròmanaich an t-ainm gu Beatia agus dh'fhàs am baile mòran, gus an do rinn na Bhandalaich sgrios air ann sgìre agus thuit an eaconomaidh ann an droch staing. Chan ann mus do ràinig na h-Arabaich a thoisich am baile a dh' fhàs a-rithist, o chionn's gu robh e leth-shligheach eadar trì rìoghachdan cudromach. An dèidh Bhlàir Navas de Tolosa bha Baeza na phrìomh-bhaile Taifa Bhaeza, nach do mhair ach 15 Bliadhna. Thuit am baile ann an làmhan nan Crìosdaidh ann an 1227 agus chaidh a h-uile càil a dhoilidh fo Chrùn na Castilla.[2] Bha am baile seo cho beairteach tro Aois an Òir gun do thog an ailtire Andrés de Vandelvira a' Chathair-eaglaise a chithear an latha an-diugh.[3] Thàinig an trèana - agus turasachd - ann an 1870.[4]
Daoine Ainmeil
deasaich- Gaspar Becerra (1520 - 1570): peantair agus cruth-ealantair [5]